Co-labhairt air eachdraidh oirthireil ann an Dòrnach
Is ann air eachdraidh sgìrean oirthireil a bhios fòcas co-labhairt eadar-nà iseanta ann an Dòrnach air an ath-mhìos.
Frithealaidh luchd-labhairt fiosrach às gach ceà rn ‘Linntean is Fiòrdan: Co-labhairt Eachdraidh Oirthireil’, a chaidh a chur air dòigh leis an Ionad Eachdraidh aig Oilthigh na Gà idhealtachd agus nan Eilean. Thig còrr is 70 com-pà irtiche is preseantair às an RA, Fionnlainn, Canada agus Ameireaga chun an tachartais a mhaireas trì là ithean.
Cho math ri farsaingeachd de theamaichean eadar-nà iseanta, sgrùdaidh a’ cho-labhairt cuspairean ionadail leithid ainmean-à ite Lochlannach ann an à iteachan far a bheilear a’ bruidhinn na Gà idhlig, an gnìomhachas salainn ann am Brùra, cruthachadh sheirbheisean adhair anns na h-Eileanan a Tuath is na h-Eileanan an Iar agus creideamh ann am bana-bhuidsichean ann an coimhearsnachdan oirthireil na h-Alba.
Bidh cothrom aig com-pà irtichean pà irt a ghabhail ann an gnìomhachdan sòisealta agus sgrìoban a-mach cuideachd le cothrom uisge-beatha fheuchainn aig Club Goilf Dòrnach Rìoghail, cèilidh, ceòl agus turas de là raichean Cruithneach air Rubha na Manachainn Rois.
Faodaidh am mòr-shluagh barrachd fhaighinn a-mach mu eachdraidh oirthireil cuideachd. Bidh taisbeanadh le buidhnean agus pròiseactan eachdraidh ionadail aig Club Sòisealta Dhòrnaich, far an tèid a’ mhòr-chuid den cho-labhairt a chumail, feadh an tachartais.
A’ bruidhinn mun cho-labhairt, thuirt an t-Oll Dà ibhidh Worthington, ceannard ionad eachdraidh Oilthigh na Gà idhealtachd agus nan Eilean: “Ged a chuir sinn à ireamh de cho-labhairtean air leth soirbheachail air dòigh tron ionad is tron oilthigh ron seo, cha robh cruinneachadh acadaimigeach cho mòr ri seo ann an Dòrnach gu ruige seo. Tha sinn fìor thoilichte mu dheidhinn sin agus mu inbhe an luchd-labhairt againn, an fheadhainn ionadail is an fheadhainn a bhios a’ tighinn às gach ceà rn, gus òraidean a thoirt seachad agus a’ cho-labhairt fhrithealadh.�
Bidh an t-Àrd-Ollamh Isaac Land, eòlaiche ann an Eachdraidh Oirthireil aig Oilthigh Stà it Indiana, am measg an luchd-labhairt aig an tachartas. Mhìnich esan: “Tha mi a’ tighinn às na Stà itean Aonaichte gus a’ cho-labhairt Linntean is Fiòrdan fhrithealadh leis gur e seo a’ chiad cho-labhairt a chaidh a chur air dòigh mu raon eachdraidh nan oirthirean a tha a’ tighinn am follais. Bidh còrr is billean neach air feadh an t-saoghail a’ fuireach ann an sgìrean ìosal a tha gu sònraichte fosgailte gu atharrachadh gnà th-shìde agus bidh mòran eile a’ fuireach ann an sgìrean far a bheil sluagh mòr nach eil fada air falbh bhon chuan. ’S urrainn dha eachdraidh oirthireil ar cuideachadh ann a bhith a’ tuigsinn mar a rà inig sinn an ìre seo agus faodaidh gum faigh sinn seallaidhean air na h-ath cheumannan.�
Gabhaidh Linntean is Fiòrdan: Co-labhairt Eachdraidh Oirthireil à ite ann an Dòrnach eadar Diardaoin 31 Mà rt agus Disathairne 2 Giblean. Gus à ite a ghleidheadh no barrachd fiosrachaidh fhaighinn, tadhail air www.history.uhi.ac.uk. Feumar à iteachan a ghleidheadh ro Diluain 15 Gearran.
Fhuair a’ cho-labhairt taic bho Visit Scotland, Comhairle na Gà idhealtachd, Corporaid Charnegie New York; Tuath-gaoithe Far-cladaich Beatrice Earranta, Maoin Choimhearsnachd Tuath-gaoithe Beinn Tharsuinn/Comhairle Coimhearsnachd Dhòrnaich agus Comann Cataibh Dhùn Èidinn.