Urram air a thoirt do dhuine a bha na thùsaire a thaobh teasairginn nam beann mar a tha i an-diugh ann an cuirm ann am Peairt
Chaidh urram a thoirt do bheanntair ris an abrar ‘athair bhuidheann theasairginn nam beann an Albainn’ le Oilthigh na Gà idhealtachd agus nan Eilean ann an cuirm ann am Peairt an-diugh (Diardaoin 6 Dà mhair). Chaidh bonn a bhuileachadh air an Oll Seumas MacAonghais OBE le seansalair an oilthigh, a h-Àirdeachd Rìoghail a’ Bhana-phrionnsa Rìoghail, aig cuirm-cheumnachaidh Cholaiste Pheairt ÌÇÐ͝Âþvlog agus Latha Stèidheachaidh Oilthigh na Gà idhealtachd agus nan Eilean. Bha barrachd is 1300 de cheumnaichean is aoighean an là thair san tachartas, a ghabh à ite an Talla Chuirmean-ciùil Pheairt.
Chaidh Bonn Sheansalair Oilthigh na Gà idhealtachd agus nan Eilean a bhuileachadh air an Oll MacAonghais mar aithneachadh air na seirbheisean a thug e ann a bhith a’ toirt fàs air streapadaireachd agus teasairginn nam beann. Ann an rèis-obrach a mhair còrr is trì fichead bliadhna, bha e air a’ chiad neach a streap à ireamh de bheanntan agus tha e air a chliùthachadh mar thùsaire teasairginn nam beann mar a tha i an-diugh. Stèidhich e Sgioba Teasairginn Bheann Ghlinn Chomhainn ann an 1961, Comann nan Con Lorg is Teasairginn ann an 1965 agus, còmhla ri cà ch, stèidhich e an t-Seirbheis airson Fiosrachadh mu Mhaoimean-sneachda an Albainn ann an 1988.
B’ e an t-Oll MacAonghais cuideachd a dhealbh a’ chiad tuagh-eighe a bha air a dèanamh air meatailt air fad sna bliadhnachan 1940 agus a dh’innlich sìneadair paisgeach MhicAonghais sna bliadhnachan 1960. Is iomadh leabhar mu streapadaireachd a sgrìobh e agus ghabh e pà irt ann am prògraman aithriseach is filmichean (Rob Roy agus Highlander nam measg) mar streapadair, leth-aon euchdan, comhairliche, aithrisear agus riochdaire.
Chaidh an t-Oll MacAonghais a chur air aghaidh airson Bonn an t-Seansalair le Colaiste na Gà idhealtachd an Iar ÌÇÐ͝Âþvlog a bhios a’ liubhairt cheuman BA (le urram) an oilthigh ann an stiùireadh dà n-thurasachd agus coilionadh is trèanadh dà n-thurasachd. Thà inig e o a dhachaigh ann an Gleann Chomhainn a bhith an là thair aig a’ chuirm. An à m dha bhith a’ bruidhinn air an duais aige, thuirt an t-Oll MacAonghais: “Is e urram a th’ ann gu dearbh a bhith an seo an-diugh a dh’fhaotainn na duaise seo agus tha e a’ drùidheadh orm gu mòr. Is e latha air leth a th’ ann agus sinne an là thair a h-Àirdeachd Rìoghail a’ Bhana-phrionnsa Rìoghail, fìor charaid do dh’Albainn.
“Aig mo chùl bha sgioban teasairginn nam beann is an luchd-saidheans a chuir seachad am beatha cuideachd a’ feuchainn gum biodh na beanntan na bu shà bhailte agus gum biodh daoine a bha air an gortachadh air an togail às cho luath ’s a ghabhadh. An tùs catha aig an ìre dhomhanta tha Richard Glanville à Inbhir Nis, sà r-eòlaiche ann an caochladh raointean le chèile, a dhealbh, le cuideachadh bhuam fhèin, an sìneadair ùr, am MacAonghais à ireamh 8 a bhios air an fhear as aotroime agus as là idire san t-saoghal agus a thèid a dhèanamh air a’ Ghà idhealtachd.�
Chaidh Lewis Vernal, iar-phrionnsapal (gnìomhachdan is ionmhas) agus rùnaire na companaidh aig Colaiste Dhiadhachd na Gà idhealtachd ÌÇÐ͝Âþvlog, urramachadh aig a’ chuirm cuideachd. Chaidh Bonn an Iar-Sheansalair a bhuileachadh air Mgr Vernal, a tha na chòmhnaidh an Abhach, mar aithneachadh air an 20 bliadhna de sheirbheis a thug e don cholaiste a tha air a suidheachadh ann an Inbhir Pheofharain agus na rinn e airson an oilthigh san fharsaingeachd.
Thuirt Mgr Vernal fhèin: “Is e urram ciatach air fad a th’ ann, nach robh mi idir a’ sireadh, an duais seo a bhith air a toirt dhomh. Tha agam ri buidheachas a thoirt chan ann a-mhà in do na co-oibrichean agam an Colaiste Dhiadhachd na Gà idhealtachd ÌÇÐ͝Âþvlog gu robh iad cho coibhneil ’s gun do chuir iad m’ ainm air aghaidh, ach cuideachd don iar-sheansalair airson an roghainn a rinn e.
“Is dùth dhomh à rd-mholadh a dhèanamh air na co-oibrichean tà lantach agam air feadh an oilthigh agus a Stèidheachd. Bha sinn a’ strì còmhla thar nam bliadhnachan a bhith a’ cluich ar pà irt ann a bhith a’ cruthachadh agus a’ cur piseach air ar n-oilthigh gun choimeas, eadhon mar a nì sinn strì an-diugh fhathast airson sà r-mhathas ann a bhith a’ toirt foghlam, taic is altram do na h-oileanaich againn. Tha e na dhuais shònraichte dhuinn a bhith ag amharc taobh thall de na tha air ar n-aire a thaobh na tha sinn a’ dèanamh airson nan oileanach againn, gus am faic sinn barrachd is barrachd, le togail-inntinn, na tha na h-alumni againn a’ dol air aghaidh a choilionadh, chan ann air feadh na Gà idhealtachd is nan Eilean a-mhà in ach fada nas fhaide às cuideachd.�
Thuirt Prionnsapal is Iar-Sheansalair Oilthigh na Gà idhealtachd agus nan Eilean, an t-Àrd-ollamh Clive Mulholland: “Is e cothrom a tha sa chuirm Latha Stèidheachaidh againn a bhith a’ dèanamh gà irdeachas mu shoirbheachadh ar n-oileanaich, ar luchd-obrach is ar luchd-taice agus na tha iad a’ toirt do chà ch. Tha sinn anabarrach toilichte a bhith a’ cumail na cuirme am-bliadhna an com-pà irteachas le Colaiste Pheairt ÌÇÐ͝Âþvlog, mar phà irt de chuirm-cheumnachaidh na colaiste.
“Tha Colaiste Pheairt ÌÇÐ͝Âþvlog air fear de na com-pà irtichean as motha an lìonra Oilthigh na Gà idhealtachd agus nan Eilean agus is ann innte cuideachd a tha an t-Ionad Eòlas Bheanntan air a shuidheachadh. Tha e iomchaidh, mar sin, an t-Oll Seumas MacAonghais a bhith còmhla rinn an-diugh gus am faigheadh e Bonn an t-Seansalair mar aithneachadh air na chuir e ri fà s streapadaireachd is teasairginn nam beann. Bu toil leam meal-an-naidheachd a chur air Seumas agus Lewis airson nan duaisean a fhuair iad, cho math ris a h-uile duine a choisinn duais no a cheumnaich an-diugh.â€�
°ä¸éÃŒ°¿°ä±á&²Ô²ú²õ±è;