Ceumnaiche Gàidhlig sònraichte a’ buannachadh tiotal Oileanach na Bliadhna
Tha ceumnaiche a chuir crìoch air ceum le urram a dh’aindeoin a bhith a’ fulang le droch shuidheachadh meidigeach, air a h-ainmeachadh mar Oileanach na Bliadhna 2017 aig Oilthigh na Gà idhealtachd ’s nan Eilean. Choisinn Hannah NicDhiarmaid (22) ceum BA (le Urram) ann an cà nan is cultar na Gà idhlig agus i a’ dèiligeadh le cystic fibrosis, tinneas buan cuibhreachail a tha a’ toirt buaidh air na sgamhanan agus air an t-siostam cnà mhaidh. Clà raichte mar oileanach ag ionnsachadh air astar aig Sabhal Mòr Ostaig ÌÇÐ͝Âþvlog, chrìochnaich i a ceum bho a dachaigh ann an Torbhaig, Port Rìgh, san Eilean Sgìtheanach.
Chaidh Hannah ainmeachadh airson na duais seo le stiùiriche a’ phrògraim aice, Mark Wringe. Mhìnich esan: “Mar stiùiriche a’ phrògraim agus òraidiche cuid de na modalan aig Hannah, chan fhaca mise ach oileanach comasach a bha gu cunbhalach a’ cur a-steach a h-obair ann an à m, a bha an-còmhnaidh ullaichte airson clasaichean agus a choilean deagh thoraidhean. Bha i a’ com-pà irteachadh ann an deasbadan sa chlas agus a’ freagairt cheistean le susbaint, gun a bhith a’ tarraing aire thuice fhèin. Bha i dìreach a’ dèanamh a dìchill.
“Nuair a nochd i an toiseach air ceangal bhidio bho a leabaidh san ospadal, chùm i a’ dol ann an dòigh cho gnothaicheil agus cho nà darra, agus gun do ghuidh mi soirbheachadh dhi gun cheist sam bith a chur oirre. Lean mi i ann a bhith a’ cumail air adhart ann an dòigh à bhaisteach, gun a bhith a’ faireachdainn gun robh còir aice fiosrachadh a thoirt dhomh. ’S ann dìreach o chionn ghoirid a tha mi air beachd fhaotainn air an oidhirp a dh’fheumadh Hannah a dhèanamh airson turas oileanaich à bhaisteach a bhith aice gun stad sam bith. Tha là n spèis agam do a miann air a ceann-uidhe a choileanadh air an aon bhunait ris gach neach eile. Tha e iorònach gun robh a gnìomhadh earbsach cunbhalach mar nì sam bith eile ach à bhaisteach.�
Is i Lesley Blaikie, banaltram a tha speisealaichte ann an cystic fibrosis le NHS na Gà idhealtachd, aon den sgioba mheidigeach a bhios a’ toirt cùram do Hannah. Thuirt i: “Mar bhanaltram aig a bheil là n eòlais, cha tà inig mi a-riamh tarsainn air boireannach òg a tha cho brosnachail rithe. A dh’aindeoin a bhith a’ strì gun stad ri sgìths gun lasachadh agus droch shlà inte, chuir Hannah a cuid ionnsachaidh an-còmhnaidh air thoiseach. Cha do chuir fiù ùine san ospadal bacadh oirre. Chuireadh i a-mach a leabhraichean air an leabaidh agus bhiodh a laptop aice ri là imh airson seiseanan air astar. Cha robh an seòrsa diongmhaltas seo air a chall air an sgioba-obrach mheidigich. Tha e air a bhith na adhbhar irioslachaidh dhuinn uile a bhith a’ faicinn nach eil am boireannach òg seo air leigeil le droch shlà inte sònrachadh cò i.�
A’ bruidhinn mun duais aice, thuirt Hanna: “Roghnaich mi Gà idhlig a sgrùdadh oir tha ùidh agam ann an cà nanan, agus an dèidh beagan ionnsachadh san sgoil bha mi airson cumail air adhart agus tuilleadh ionnsachadh mun chultar cuideachd. ’S e urram a th’ ann an duais seo fhaighinn, gu h-à raid agus gun mi air mo thogail le Gà idhlig, agus bidh mi gu brà th taingeil do gach neach aig Sabhal Mòr Ostaig ÌÇÐ͝Âþvlog, aig an taigh agus sgioba an cystic fibrosis, airson an taic choibhneil agus am misneachadh, a bha cho prìseil dhomh.â€�
Thuirt an t-Àrd-Ollamh Clive Mulholland, prionnsapal agus iar-sheansalair Oilthigh na Gà idhealtachd ’s nan Eilean: “Chaidh Hannah a thaghadh gu h-aon-ghuthach mar oileanach na bliadhna leis na riochdairean uile air a’ phannal breithneachaidh againn. Tha a diongmhaltas agus a dìcheall a dh’aindeoin suidheachadh pearsanta dùbhlanach air a bhith gun choimeas, a’ taisbeanadh na ghabhas a choileanadh nuair a chuireas tu romhad e. Tha mi air leth toilichte gu bheil Hannah air ceum le urram a chosnadh ann an cuspair mu bheil i a’ faireachdainn cho là idir agus tha mi a’ guidhe dhi gach soirbheachadh san à m ri teachd.�
Fhuair Hannah teisteanas agus seic airson £200 nota aig seirbheis ceumnachaidh Sabhal Mòr Ostaig ÌÇÐ͝Âþvlog air Dihaoine 6 Dà mhair. A-nis, on tha i air crìoch a chur air a ceum acadaimigeach, tha i an dòchas leantainn air adhart ag ionnsachadh mun Ghà idhlig agus ga cleachdadh cho tric ’s as urrainn dhi.