Tachartas gus sgrùdadh a dhèanamh air buannachdan na Gàidhlig ann an gnothachas
Am faod a’ Ghà idhlig a bhith na buannachd ann an gnothachas? Is e seo cuspair an ath sheimineir à m lòin aig Oilthigh na Gà idhealtachd agus nan Eilean.
Bidh an t-eòlaiche gnothachais eadar-nà iseanta, Seonaidh Dòmhnallach, a’ bruidhinn mun eòlas a chuir esan air a bhith a’ cleachdadh na Gà idhlig ann an co-theacsa gnothachais cruinneil. Agus e à Uibhist bho thùs, tha dreuchd Sheonaidh air a thoirt timcheall an t-saoghail. B’ e an iomairt mu dheireadh aige a bhith a’ togail na companaidh riochdalachd leasaichte Albannach Mled gus an robh i na sà r ghnothachas saothrachaidh a chaidh a reic ri Facebook ann an cùmhnant ioma-mhillean.
Agus e a’ bruidhinn air a bheatha, tha Seonaidh ag innse: “Le Gà idhlig a bhith agam gu fileanta tha e air leigeil fhaicinn dhomh mar a dh’fhaodas daoine uaireannan duilgheadas fhaighinn ann an cuid de mhion-phuingean cèille sa Bheurla. Faodaidh seo leantainn gu co-fhaireachdainn gu ìre le pà rtaidhean eile ann an còmhraidhean ioma-chà nanach, mar eisimpleir, agus mar thoradh air a sin faodaidh e cuideachd earbsa a thogail agus faodaidh dà imhean gnothachais nas là idire a bhith air an cruthachadh san fharsaingeachd.�
B’ e Gary I Caimbeul, stiùiriche prìomh chunntasan an oilthigh, a chuir an tachartas air dòigh. Thuirt esan: “Tha an eachdraidh aig Seonaidh a’ sealltainn, ged a shaoileadh mòran dhaoine gum b’ e cnap-starra a bhiodh ann a’ Ghà idhlig a bhith aig duine mar chiad chà nan, gun e buannachd a bh’ ann, gu dearbh.�
Thèid an seiminear, leis an tiotal ‘What’s the Gaelic for Entrepreneur?’, a lìbhrigeadh sa Ghà idhlig, le eadar-theangachadh gu Beurla. Thèid a chumail eadar 12.30f agus 1.30f air Diardaoin 16 Samhain aig An Lòchran air Àrainn Inbhir Nis agus tro cho-labhairt bhideo.
Tha an sreath de thachartasan gnothachais à m lòin aig Oilthigh na Gà idhealtachd agus nan Eilean ga lìbhrigeadh ann an co-bhann ri Iomairt na Gà idhealtachd ’s nan Eilean agus SSE. Airson barrachd fiosrachaidh agus clà radh, tadhail air www.uhi.ac.uk/events