Cuireadh don phoball beachd a thoirt air Plana Gàidhlig an oilthighe
Tha Oilthigh na Gà idhealtachd agus nan Eilean a’ foillseachadh co-chomhairle phoblach air a’ Phlana Ghà idhlig ùr aca a tha san amharc.
Tha an sgrìobhainn a’ mìneachadh mar a tha an t-oilthigh an dùil leantainn air adhart ag adhartachadh agus a’ leasachadh cleachdadh air a’ Ghà idhlig tro a mhodhan-obrach, a chonaltraidhean agus tron churraicealam bho 2018 gu 2022.
Am measg nam molaidhean, tha neartachadh air Gà idhlig sa churraicealam, toradh barrachd stòrasan dà -chà nanach do dh’oileanaich, solarachadh chothroman trèanaidh do luchd-obrach agus meudachadh na h-uimhir de Ghà idhlig ann an stuthan margaideachd agus conaltraidh.
Is e an sgrìobhainn seo an trìtheamh Plana Gà idhlig aig an oilthigh. B’ e an t-oilthigh a’ chiad aitreabh foghlaim à rd-ìre ann an Alba a thug Plana Gà idhlig gu buil, ann an 2010. Tha cuireadh aig buill den phoball am plana ùr a leughadh agus am beachdan air a cho-roinn rè nan ochd seachdainean den cho-chomhairle.
Thuirt an t-Àrd-Ollamh Clive Mulholland, prionnsapal agus iar-sheansalair an oilthighe, “Tha Gà idhlig na pà irt riatanach de dhualchas na h-Alba, den dearbh-aithne nà iseanta agus den bheatha chultaraich. Mar an t-aon oilthigh stèidhichte anns a’ Ghà idhealtachd ’s na h-Eileanan, tha sinn gu là idir mothachail do ar dleastanasan gu inbhe na Gà idhlig a neartachadh agus a cleachdadh adhartachadh tro na cothroman ionnsachaidh a tha sinn a’ solarachadh.
“Tha mi moiteil às ar coileanaidhean gu ruige seo, le meudachadh air faicsinneachd agus osgarrachd na Gà idhlig nar seirbheisean do na h-oileanaich, don luchd-obrach agus don phoball, fhad ’s a tha sinn a’ cruthachadh chothroman airson foghlam tro mheadhan na Gà idhlig agus ionnsachadh cà nain a bhith nas fhasa fhaotainn air bunait nas fharsainge.
“Tha sinn an dòchas gun tog am plana ùr againn air na h-euchdan sin, a’ taisbeanadh dealas leantainneach an oilthighe ann an leasachadh agus neartachadh na Gà idhlig.
“Tha co-chomhairleachadh na phà irt chudromach den phròiseas, agus mar sin mholainn do neach sam bith le ùidh sa phlana am beachdan a roinn.�
Bidh a’ cho-chomhairle air treasaibh Plana Gà idhlig Oilthigh na Gà idhealtachd agus nan Eilean 2018 gu 2022 a’ ruith bho 25 Ògmhios gu 20 Lùnastal.