Acadaimigeach a’ faotainn aithne airson a thabhartais don choimhearsnachd rannsachaidh
Tha acadaimigeach aig an robh prìomh dhleastanas ann an leasachadh gnìomh rannsachaidh ann an Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean, air aithne fhaotainn mar thoradh air a thabhartas. Chaidh tiotal Àrd-Ollamh a bhuileachadh air Mìcheal Rayner airson a chuid obrach an lùib cultar rannsachaidh làidir a stèidheachadh tarsainn an oilthighe agus a thaic do rannsachadh air foghlam àrd-ìre, measadh rannsachaidh agus leasachadh rannsachaidh air feadh Alba.
À Kent bho thùs, thà inig an t-Àrd-Ollamh Rayner don oilthigh ann an dreuchd Deadhan Rannsachaidh ann an 2010. Tha e air cuideachadh le à ireamh de leasachaidhean a stiùireadh, a’ gabhail a-steach sgeamaichean meantoraidh agus fòrlaidh luchd-obrach, meudachadh cudromach anns an à ireamh de dh’oileanaich rannsachaidh agus cumhachdan buileachaidh ceum rannsachaidh a choileanadh, a tha a’ ceadachadh don oilthigh a cheuman ollamhach fhèin a bhuileachadh.
Tha obair an Àrd-Ollaimh Rayner air cur ri cliù a tha a’ sìor fhàs ann an rannsachadh san oilthigh. Chaidh an t-oilthigh ainmeachadh mar an t-oilthigh òg as fheà rr a tha a’ coileanadh ann an Alba le Times Higher Education, a bha a’ leantainn nan toraidhean ann am measadh tarsainn na RA air cà ileachd rannsachaidh ann an 2014. Stiùir an t-Àrd-Ollamh Rayner an tagradh institiùdach gu gnìomhachadh Frèam Sà r-mhathas Rannsachaidh, a rangaich 69% de rannsachadh an oilthighe aig ìre chruinneil no sà r-mhath gu h-eadar-nà iseanta. Ann an 2019, chaidh an t-oilthigh a rangachadh sa cheathramh à ite deug a-mach à 103 institiud air feadh na RA airson riarachas nan oileanach rannsachaidh agus chaidh a rangachadh sa chiad à ite airson riarachas nan oileanach, a bha a’ rannsachadh chuspairean saidheans, teicneòlas, innleadaireachd agus matamataig.
A thuilleadh air obair taobh a-staigh Oilthigh na Gà idhealtachd agus nan Eilean, tha an t-Àrd-Ollamh Rayner air taic a chur ri rannsachadh tarsainn shuidheachaidhean nà iseanta agus eadar-nà iseanta. Bha e gu o chionn ghoirid, na chathraiche air comataidh leasachaidh is trèanaidh luchd-rannsachaidh Oilthighean Alba, agus tha e na bhall pannail airson gnìomhachadh Frèam Sà r-mhathas Rannsachaidh 2021. Chaidh aithne a thoirt dha mar Phrìomh Chomhaltach de Acadamaidh Foghlaim Àrd-Ìre ann an 2016.
Tha ùidhean acadaimigeach pearsanta Rayner a’ cuimseachadh air leasachadh luchd-rannsachaidh agus air na ceanglaichean eadar teagasg agus rannsachadh. Tha e na mhinistear òrdaichte agus na chom-pà irtiche gnìomhach san eaglais ionadail aige. Tha e cuideachd a’ cuideachadh le stiùireadh prògram gus comas rannsachaidh a leasachadh aig dà oilthigh ann an Afraga a Deas. Tha am pròiseact luach £264,000, maoinichte le Comhairle Bhreatainn agus Roinn Foghlaim Àrd-Ìre is Trèanaidh Afraga a Deas, le cuimse shònraichte air meudachadh na h-à ireimh de luchd-rannsachaidh òg, boireann agus dubh ann an Oilthigh an Free State agus Oilthigh Venda.
A’ labhairt mun tiotal ùr aige, thuirt an t-Àrd-Ollamh Rayner:
“Tha mi air leth toilichte aithne fhaotainn airson duais de chathair phearsanta bho Oilthigh na Gà idhealtachd agus nan Eilean, a tha na institiùd mìorbhaileach agus eu-coltach ri aon sam bith eile as aithne dhomh. Tha mi a’ coimhead air adhart ri leantainn le m’ obair ann an cur taic ri agus leasachadh an tà laint rannsachaidh a tha ri fhaotainn an seo, nar coimhearsnachdan sà r-mhath luchd-obrach agus oileanaich, agus leantainn le mo rannsachadh fhèin sna là ithean ri teachd.�
Thuirt an t-Àrd-Ollamh Crichton Lang, Prionnsapal agus Iar-Sheansalair Oilthigh na Gà idhealtachd agus nan Eilean:
“Is e tiotal à rd-ollaimh an ìre as à irde de choileanadh acadaimigeach as urrainnear a bhuileachadh. Tha e air a chur mu seach do dhaoine fa leth a tha a’ faotainn aithne mar stiùirichean nan raon dreuchdail fhèin agus a tha air sà r-mhathas a thaisbeanadh nan obair. Tha Mìcheal là n airidh air ar tiotal à rd-ollaimh. Tha e air a chùrsa-dreuchd a chuimseachadh air a bhith a’ cur taic ri agus a’ leasachadh rannsachadh ann an institiùdan foghlaim à rd-ìre, agus tha a cheannardas agus a lèirsinn air tabhartas thar luach a chur ri rannsachadh tarsainn Oilthigh na Gà idhealtachd agus nan Eilean agus tarsainn a’ Chom-pà irteachais.�