Choisinn fear à Ceann Loch Lìobhainn tiotal Oileanach na Bliadhna
Tha oileanach inbhidh a thill air ais gu foghlam an dèidh 40 bliadhna, air ainmeachadh mar Oileanach Foghlaim Adhartach na Bliadhna aig Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean. Bha Edward Mowles (Eddie) 56 bliadhna a dh’aois agus bha e air a bhith gun obair airson 16 bliadhna nuair a thòisich e air a thuras ionnsachaidh le Colaiste na Gàidhealtachd an Iar ÌÇÐ͝Âþvlog ann an 2018. Thòisich e le bhith a’ frithealadh cluba obrach seachdaineil aig Ionad Lìobhainn ann an Ceann Loch Lìobhann agus an uair sin air cùrsa mara agus tuathanachas-uisge, leis an amas air piseach a thoirt air a bheatha agus na cothroman cosnaidh aige.
Chaidh Eddie ainmeachadh airson na duaise le Shaun Escott, stiùiriche cùrsa sgilean mara is tuathanachas-uisge aig an ionad a Mallaig aig Colaiste na Gà idhealtachd an Iar ÌÇÐ͝Âþvlog. Mhìnich Shaun:
"Ron chùrsa seo, bha Eddie a’ faireachdainn nach robh e a’ dol a dh'à ite sam bith. Bha e ann an dòigh-beatha nach robh e dèidheil air tuilleadh. Ach, leasaich na bha a’ tòiseachadh mar cheumannan beaga gu bhith na amas. Bhiodh Eddie a’ bruidhinn mu dheidhinn obair ‘air leth’ agus b’ e an-còmhnaidh rudeigin air a’ bhlà r a-muigh a bh’ann, agus mar sin bheachdaich an sgioba air cùrsaichean colaiste leis. Às deidh beagan thagraidhean obrach neo-shoirbheachail, cho-dhùin e gu robh an cùrsa sgilean mara is tuathanas-uisge ann am Malaig freagarrach dha.
“B’ e ceum mòr a bha seo dha Eddie, gun eòlas no teisteanasan iomchaidh aige. Dh'obraich sinn leis an sgioba fastaidh gus Eddie fhaighinn air ais gu seòmar-sgoile. Bha e gu math cianail mu bhith a’ cleachdadh coimpiutair agus bha an t-eagal air a bhi còmhla ri oileanaich nas comasaiche ann an à rainneachd seòmar-sgoile. Nuair a thà inig e thugainn, bha a mhisneachd agus a bhrosnachadh aig an ìre as ìsle.
“Ach, lorg Eddie gun tug an cùrsa adhbhar agus stiùireadh ùr dha. Cha do choimhead e air ais agus cha do chaill e clas a-riamh. Thòisich a bheachd ag atharrachadh agus thòisich e a’ gabhail cùram nas fheà rr dhe fhèin. Nas inntinniche buileach, rinn e atharrachadh air à rainneachd an t-seòmair-sgoile agus, nuair a fhuair e dùbhlain a bha duilich dha, ghabh e riutha. Fhuair e a-mach gun robh sgilean aige nach robh aig a’ chòrr den chlas agus shoirbhich e le bhith a’ cuideachadh oileanaich nas òige. Bha a bheus obrach, là thaireachd, conaltradh math agus com-pà irteachadh le cà ch, gam brosnachadh.
“Aig an agallamh mu dheireadh aige, cha robh ach aon rud aig Eddie ri rà dh, “Thà inig mi an seo gu meallta agus tha mi a’ fà gail nam dhuine-uasal.� Tha sinn uile gu math moiteil à Eddie, sheall e diongmhaltas mòr agus chleachd e an t-eòlas colaiste aige gus a bheatha a thionndadh gu tur. Tha e na theisteanas gum faod na cùrsaichean againn a bhith ag atharrachadh beatha. Ge bith dè an aois a tha thu no dè an t-eòlas a bh’ agad roimhe - chan eil agad ach feuchainn air agus bidh sinn còmhla riut a h-uile ceum den t-slighe."
Shoirbhich le Eddie sa chùrsa sgilean mara agus tuathanas-uisge na bu thrà ithe am-bliadhna agus fhuair e eòlas obrach ann an gnìomhachas an tuathanais-uisge le cùmhnant cosnaidh goirid. Tha e air co-dhùnadh leantainn air adhart le a chuid ionnsachaidh aig ionad ionnsachaidh Mhalaig, an dèidh dha clà radh air cùrsa luingeis is gnìomhachd NC. Mar Colaiste na Gà idhealtachd an Iar ÌÇÐ͝Âþvlog agus Oileanach Foghlaim Adhartach na Bliadhna aig Oilthigh na Gà idhealtachd agus nan Eilean, gheibh e £300 agus teisteanas.
A’ bruidhinn mu na duaisean aige, thuirt Eddie:
“Tha mi air mo dhòigh glan. Feumaidh mi taing a thoirt do Shaun - às aonais, cha bhithinn air na duaisean sin fhaighinn gu brà th. Nuair a thà inig mi gu Malaig bliadhna air ais, bha mi nam ablach agus cha robh mi cinnteach cà ite an robh mi a’ dol. Bha mi gu math iomagaineach agus cha robh mi cinnteach dè a bha mi a’ dèanamh. Bhon chiad latha, chuir luchd-obrach Mhalaig air dòigh mi. Cha robh mi a-riamh air coimpiutair a chleachdadh agus bha mi ann an clas de dheugairean. Choinnich mi ri Shaun an uair sin agus tha an còrr na eachdraidh. Taing do Shaun, tha misneachd agam a-nis rudan a dhèanamh nach robh mi a-riamh a’ smaoineachadh a dhèanainn. Tha Malaig na à ite sònraichte.�
Thuirt an t-Àrd-ollamh Crichton Lang, prionnsapal agus iar-sheansalair Oilthigh na Gà idhealtachd agus nan Eilean (Eadar-amail):
“Tha mi air leth toilichte gun deach Eddie aithneachadh leis an tiotal Oileanach Foghlam Adhartach na Bliadhna againn. Tha e air deagh dhearbhadh a nochdadh agus tha e na dheagh eisimpleir de bhuaidh cruth-atharrachail foghlaim. Tha ar com-pà irteachas oilthighean de cholaistean agus ionadan rannsachaidh ag amas air slighean rèidh a thoirt seachad agus cnapan-starra a thoirt air falbh gus oileanaich a chuideachadh a’ lorg an turas ionnsachaidh aca fhèin agus tha na sgiobaidhean taiceil, ionadail againn a’ dèanamh cinnteach gur e à ite fà ilteachail a tha seo ma tha thu air a bhith a-mach à foghlam airson ùine.�