Suirbhidh air ainmeachadh gu rùintean cruthachail a choileanadh
Tha ionad obair cruthachail Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean airson cluinntinn bho ghnothachasan cruthachail, luchd-obrach agus luchd-proifeasanta ann an Sealltainn, Arcaibh agus Innse Gall mar phàirt de rannsachadh air buaidh eacanomaigeach agus shòisealta air roinn obair cruthachail nan eilean.
Tha an t-suirbhidh fosgailte gu meadhan-oidhche air Diluain 19 Iuchar, don a h-uile a tha an sàs anns gach cuibhreann de na h-ealain agus gnìomhachasan cruthachail, bho luchd-ceumnachaidh gu luchd-stèidhichte, agus chan ann a-mhà in ag amas air feadhainn a tha anns na h-eileanan an-drà sta ach cuideachd feadhainn a’ miannachadh tighinn no tilleadh a dh’obair agus a dh’fhuireach anns na h-eileanan. Tha e deatamach freagairtean fhaighinn gus am bi dealbh soilleir againn air dè na feumalachdan phroifeasanta agus prataigeach a tha dhìth san roinn.
Bidh toradh na suirbhidh a toirt buaidh air leasachadh “Prògram Soirbheas Eileanan Cruthachail� ann an Cùmhnant Fàs nan Eilean, a tha ag amas air lìonraidhean ùr de dh’ionadan gnìomhan cruthachail agus ùr-ghnà thas soirbheis, le taic bho in-thasgadh de c£6m bho Riaghaltasan na h-Alba agus an Rìoghachd Aonaichte.
Thuirt an t-Ollamh Keith Mac an t-Saoir, stiùiriche eadar-amail aig ionad an oilthigh a ghabh uallach na suirbhidh as leth com-pà irtichean Chùmhnant nan Eilean:
"Tha ar n-eileanan nan stòras mac-meanmnail do luchd-ealain, luchd-dealbhaidh, luchd-filmichean agus gnothachasan cruthachail ag obair ann an iomadh roinn. Tha e air leth cudromach a thaobh leasachadh a’ phrògraim gu bheil sinn a cur fòcas air sònrachadh agus tuigsinn na cothroman ionadail agus prìomhachasan nan coimhearsnachdan.
“Tha sinn airson bun-stèidh a chur air bhonn a ghlèidheas ar luchd-smaoin tà lantach, luchd-dèanamh dè gach seòrsa, agus cuideachd a tà ladh tà lant tionnsgainneach agus gnothachasan às ùr do dh’eaconamaidh ar n-eileanan.
“Mar sin, ma tha sibh an sàs ann dealbhadh fasan, grafaigean no bathar no ag obair a thaobh telebhisean, filmichean, beò-dhealbhadh, dealbhadh gheamachan no neach-ealain ag obair ann an Sealltainn, Arcaibh agus Innse Gall, bhiodh e sònraichte feumail nan gabhadh sibh pà irt san t-suirbhidh. Bidh seo na chuideachadh dhuinn data riatanach a chruinneachadh gu dearbhadh mar a thèid stòras a chleachdadh san à m ri teachd gus an tig fàs seasmhach air ar eaconamaidh cruthachail.�
Thuirt an Comh. Rodaidh MacAoidh, às leth com-pà irtichean ùghdarrasan ionadail ann an Cùmhnant Fàs nan Eilean:
“Tha na tagraidhean airson in-thasgadh ann an roinn nan gnìomhachasan cruthachail tron Chùmhnant Fàs mar tha ag aithneachadh an cliù là idir aig Arcaibh, Sealltainn agus Innse Gall mar sà r ionadan cruthachail, le brosnachadh bhon à rainneachd agus cultar saidhbhir nan eilean, còmhla ri na fìor chothroman a th’againn airson an tuilleadh leudachaidh. Bidh freagairtean na suirbhidh deatamach ann a bhith a sònrachadh miannan fà is luchd-obrach san roinn chruthachail agus an taic a tha dhìth gus na h-à rd amasan sin a choileanadh.�.
Dùnadh aig meadhan-oidhche air 19 Iuchar 2021.