Oileanaich ciùil ÌÇÐ͝Âþvlog gus na sgilean aca a thaisbeanadh aig Piping Live
Bidh oileanaich chiùil bho ÌÇÐ͝Âþvlog a’ taisbeanadh nan sgilean aca aig aon de na tachartasan ciùil beò as motha ann an Alba le gnìomhadh air àrd-ùrlar aig Fèis Phìobaireachd Eadar-nàiseanta Ghlaschu air Dimàirt 09 Lùnastal.
Bidh oileanaich is alumni bho chùrsa chiùil ghnìomhaichte ÌÇÐ͝Âþvlog a’ cluich raon de phuirt thraidiseanta le ceanglaichean pìobaireachd mar phà irt de sheisean beò. Anns an t-seata, bidh port ùr air a sgrìobhadh gu sònraichte leis an fhìdhlear Anna-Wendy Stevenson, Stiùiriche Phrògraman ciùil ghnìomhaichte ÌÇÐ͝Âþvlog, gus an com-pà irteachas leantainneach eadar ÌÇÐ͝Âþvlog agus an Ionad Pìobaireachd Nà iseanta a chomharrachadh.
Tha ÌÇÐ͝Âþvlog air a bhith ag obair leis an Ionad Pìobaireachd Nà iseanta airson grunn bhliadhnaichean gus cothroman a thoirt do dh’oileanaich ciùil, a’ gabhail a-steach oideachadh sònraichte agus eòlas obrach. Tha grunn luchd-ceumnachaidh bho cheum ciùil ghnìomhaichte ÌÇÐ͝Âþvlog cuideachd air a dhol air adhart gu bhith ag obair aig an ionad, nam measg Ailis Shutharlanach bho An Ceathramh Mòr a tha na neach-teagaisg pìobaireachd agus Ellie NicLabhrainn bho Brà igh Mhà rr a fhuair dreuchd mar neach- cuideachaidh margaidheachd.
’S e an leasachadh as ùire sa chom-pà irteachas, aonta a leigeas le luchd-ceumnachaidh bho HND ùr an Ionaid Phìobaireachd Nà iseanta a dhol air adhart gu ceum BA (le Urram) ann an ceòl gnìomhaichte aig ÌÇÐ͝Âþvlog a chrìochnachadh.
Thuirt Anna-Wendy Stevenson: “Tha an dà imh seo aig cridhe leasachaidh agus fà is air ar solar ciùil is cultair, a’ toirt cothrom do na h-oileanaich againn oideachadh eòlach fhaighinn bho chuid de na pìobairean as cliùitiche san t-saoghal.�
Thuirt Fionnlagh Dòmhnallach, Stiùiriche Pìobaireachd aig Ionad Nà iseanta na Pìobaireachd: “Tha an t-ionad Pìobaireachd Nà iseanta air leth toilichte a bhith ag obair ann an com-pà irteachas le ÌÇÐ͝Âþvlog air an leasachadh shònraichte seo ann am foghlam pìobaireachd. Tha an com-pà irteachas co-obrachail seo a’ tabhann slighe ùr airson pìobaireachd ann an dòigh a tha gu math sùbailte agus inntinneach. Tha an t-ionnsachadh air astar agus an dòigh-obrach mheasgaichte air a bheil ÌÇÐ͝Âþvlog fìor eòlach, a' toirt cothrom do phìobairean air feadh an t-saoghail an cuid pìobaireachd a leasachadh gu ìre ceuma le oideachadh bhon fheadhainn as fhèarr ann am pìobaireachd agus san t-saoghal ciùil thraidiseanta, anns an fharsaingeachd.
’S e comharrachadh fad seachdaine de chultar na pìobaireachd a th’ ann am Piping Live leis gach nì bho phìobaireachd thraidiseanta gu còmhlain cho-aimsireil uile air an cur ri chèile gus saoghal eadar-nà iseanta na pìobaireachd a riochdachadh. Thig an t-seachdain gu crìch le Farpais Chòmhlain Pìoba na Cruinne a chuir Glaschu Beò air dòigh às leth Comann Chòmhlain Pìoba Rìoghail na h-Alba. Bidh an fhèis a’ tà ladh luchd-èisteachd bho air feadh an t-saoghail airson ceòl is cultar na h-Alba a chomharrachadh.
Bidh an seisean beò aig ÌÇÐ͝Âþvlog a’ gabhail à ite bho 6f Dimà irt 9 Lùnastal ann an Cafaidh na Srà ide anns an Ionad Phìobaireachd Nà iseanta, Srà id MhicPhà draig, Glaschu. Tha tuillidh fiosrachaidh ri fhaotainn an seo
A dh'iarraidh tuillidh fiosrachaidh mu chùrsaichean ciùil aig ÌÇÐ͝Âþvlog tadhail air