Nì cothrom PhD ùr sgrùdadh air leasachadh na Gàidhlig ann an Innse Gall
Tha Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean (ÌÇÐ͝Âþvlog) a’ tabhann cothrom PhD ùr, làn-mhaoinichte a’ rannsachadh leasachadh na Gàidhlig ann an Innse Gall.
Nì an sgoilearachas CEARTAS, a tha air a mhaoineachadh le Iomairt na Gà idhealtachd ’s nan Eilean (HIE), sgrùdadh air na nithean a tha a’ cur ri luach sòisealta is cultarail na Gà idhlig ann an Innse Gall. Thathas an dòchas gun cuidich na toraidhean a bhith a’ treòrachadh poileasaidh a thaobh mhion-chà nanan, gu sònraichte ann an co-theacsan Gà idhlig.
Bheir an sgoilearachas cothrom cuideachd sgrùdadh a dhèanamh air leasachadh coimhearsnachd, mar a nithear co-dhùnaidhean ann an coimhearsnachdan agus mar as urrainn do phoileasaidh poblach buannachdan sòisio-eaconamach ionadail a lìbhrigeadh.
Thuirt an t-Àrd-Ollamh Conchúr Ó Giollagáin, Àrd-Ollamh ann an Rannsachadh na Gà idhlig aig ÌÇÐ͝Âþvlog:
“Tha Institiud Saidheansan Cà nain ÌÇÐ͝Âþvlog air leth toilichte a bhith air chomas an cothrom rannsachaidh ollamhach togarrach seo a thabhann gus forfhais a dhèanamh air dòighean as urrainn do dh’oidhirpean leasachadh coimhearsnachd agus iomairtean poileasaidh Gà idhlig a bhith a chum leas a chèile. Tha sinn gu sònraichte taingeil don bhuidheann-mhaoineachaidh rannsachaidh againn, Iomairt na Gà idhealtachd ’s nan Eilean, airson na taice agus a’ bhrosnachaidh gus fà s a thoirt air a’ chlà r-ghnothaich rannsachaidh seo air a bheil feum mòr.â€�
Thuirt Jacqueline NicUiginn, Ã rd-mhanaidsear leasachaidh aig HIE:
“Tha sinn toilichte taic a thoirt don phròiseact rannsachaidh seo mar phà irt de dh’oidhirpean, còmhla ris na buidhnean com-pà irteach againn, gus taic a thoirt do fhàs cleachdadh na Gà idhlig ann an coimhearsnachdan eileanach is dùthchail far a bheil Gà idhlig ga bruidhinn. Tha e na eileamaid chudromach den phlana Ghà idhlig againn a bhith a’ togail air mar a thathar a’ cleachdadh a’ chà nain gus luach eaconamach is sòisealta a thoirt a-steach ann an diofar shuidheachaidhean. Cha tig piseach air a’ Ghà idhlig ach le coimhearsnachdan piseachail agus tha sinn airson co-obrachadh a neartachadh ann am prìomh choimhearsnachdan, feuch am bi iad nas tarraingiche agus nas seasmhaiche a thaobh gleidheadh òigridh/sluaigh agus fàs is cosnadh. Bidh pà irt chudromach aig an rannsachadh seo ann an taic poileasaidh san à m ri teachd.�
Tha am PhD air a mhaoineachadh gu h-iomlan le HIE agus thathas a’ tabhann stìpean airson 42 mìos. Bidh an tagraiche soirbheachail fo stiùir Institiud nan Saidheansan Cà nain aig ÌÇÐ͝Âþvlog. Bidh an sgoilearachas PhD stèidhichte aig fear de na h-à rainnean aig ÌÇÐ͝Âþvlog air feadh Innse Gall, ach faodar beachdachadh air rèiteachaidhean obrach sùbailte, tar-chinealach a rèir far a bheil an tagraiche fhèin. Leis gum bi fòcas na h-obrach air coimhearsnachdan nan Eilean Siar far a bheil a’ Ghà idhlig fhathast gu là idir an là thair agus cudromach, tha e ion-mhiannaichte a bhith air chomas conaltradh gu h-èifeachdach sa Ghà idhlig.
Faodar ceistean tùsail a chur no ùidh a nochdadh le fios a chur gu prìomh neach-stiùiridh a’ phròiseict, an t-Àrd-Ollamh Conchúr Ó Giollagáin (conchur.ogiollagain@uhi.ac.uk). ’S e Dihaoine 6 Dà mhair an ceann-latha dùnaidh airson tagraidhean, agus is e an ceann-latha tòiseachaidh a tha san amharc airson a’ PhD Diluain 13 Samhain.
Airson tuilleadh fiosrachaidh agus stiùireadh a thaobh tagradh a dhèanamh, tadhlaibh air agus lorgaibh am prìomh fhacal ‘CEARTAS’.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu chùrsaichean Gà idhlig aig ÌÇÐ͝Âþvlog, tadhlaibh air