Soillse
Is e com-pà irteachas rannsachaidh a bha ann an Soillse a thòisich a-mach eadar Oilthigh na Gà idhealtachd is nan Eilean, Oilthigh Obar Dheathain, Oilthigh Ghlaschu is Oilthigh Dhùn Èideann, gus goireasan rannsachaidh a stèidheachadh aig ìre ro-innleachdail, a bhiodh comasach air fianais, dearbhadh agus tuigse fhreagarrach a thoirt do phoileasaidhean poblach a bhios air an dealbhachadh airson ath-nuadhachadh a thoirt air cor na Gà idhlig ann an Alba. On a chaidh a stèidheachadh thà inig riochdairean ùra a-steach bho Oilthigh Cailleannach Ghlaschu, Oilthigh Heriot-Watt, Oilthigh Shrath Chluaidh agus Oilthigh Taobh an Iar na h-Alba.
Faodar faicinn sna h-earannan shìos cuid mhath dhe na pròiseactan rannsachaidh is eile a chaidh a chruthachadh fhad ‘s a bha am pròiseact a’ ruith, cuide ri naidheachdan is tachartasan on Iuchair 2020.


Chaidh tasgadh mòr a chur ann an rannsachadh na Gà idhlig nuair a thòisich Soillse a-mach, eadar na h-oilthighean uile a bha an sàs ann an uair sin. As dèidh a’ chiad cheum sin le taic do sgoilearachdan PhD agus do chom-pà irtichean rannsachaidh san lìonradh, fhuaras taic a bharrachd bhon SFC san Dùbhlachd 2017 airson co-òrdanachadh an lìonraidh a chumail a’ dol agus pròiseactan ùra a leasachadh fad còig bliadhna a bharrachd.
Bha e na amas aig Soillse rannsachadh ann an GÃ idhlig a leasachadh gus:
- Comasan rannsachaidh aig ìre eadar-nà iseanta a leasachadh, a bheireadh taic agus stiùireadh do phoileasaidhean cà nain aig ìre nà iseanta agus ionadail, agus a chuireadh taic ri oidhirpean airson ath-bheothachadh a thoirt air cà nan is cultar nan Gà idheal
- Lìonradh chumhachdach a chruthachadh ann an Alba a bhiodh a’ ceangal luchd-rannsachaidh is eòlaichean le comasan sònraichte ann an cuspairean Gà idhlig an latha an-diugh ri luchd-eòlais a tha a’ rannsachadh mhion-chà nanan aig ìre eadar-nà iseanta.